transponderings

Dè na riochdairean a th’ ort?

Anna na suidhe air being san t-sneachda
Boireannach tar-ghnèitheach ag ath-chruthachadh sealladh bhon fhilm 5.3 (aig 3m20d)

Ma leughas tu na puist eile air a’ bhlog seo – gach fear dhiubh sa Bheurla thuige seo – chì thu gu bheil ùidh sònraichte agam ann an cùisean trans. Sa chiad phost a sgrìobh mi, thuirt mi gum bithinn airson post sa Ghàidhlig a sgrìobhadh bho àm gu àm cuideachd – ann am pàirt air sgàth ’s gu bheil mi nam oileanach a tha a’ sgrùdadh feartan gràmar na Gàidhlig. Ach cha robh mi cinnteach ciamar a sgrìobhainn mu dheidhinn gnè idir: tha e duilich gu leòr sa Bheurla, agus briathran a’ ciallachadh diofar rudan ann an diofar cho-theacsan; chan eil mo chuid Ghàidhlig cho làidir sin; agus ’s dòcha nach eil am briathrachras ri fhaighinn sa Ghàidhlig fhathast co-dhiù.

Riochdachadh sna meadhanan Gàidhlig

Thachair gu robh mi a’ coimhead air na duaisean FilmG 2018 air BBC Alba o chionn seachdain no dhà. Bhuannaich am film 5.3, air a stiùireadh le Lana Pheutan, trì duaisean, nam measg Roghainn an t-Sluaigh. ’S e film goirid a th’ ann mu dheidhinn boireannach trans a tha a’ tighinn a-mach do a piuthar (mas e ‘tighinn a-mach’ an abairt cheart). Bha e inntinneach film Gàidhlig fhaicinn a tha a’ làimhseachadh a’ chuspair seo. Mar film goirid, tha e gu math èifeachdach, fiù ’s ged a tha e a’ cleachdadh ghnàth-ìomhaigh no dhà, is ged nach eil cleasaiche trans ann. (Ma tha Lana airson film eile a dhèanamh air a’ chuspair, tha mise a’ fuireach faisg air làimh!)

Às dèidh dhomh 5.3 fhaicinn, leugh mi colbh Gàidhlig le Eilidh Cormack sa National anns an do sgrìobh i mu dheidhinn an fhilm, agus mu dheidhinn an trasnadh eadar saoghal na Gàidhlig agus an saoghal ‘LGDT’ – leasbach, gèidh, dà-sheòrsach is tar-ghnèitheach, a-rèir coltais. (Bha mi eòlach air na faclan leasbach is gèidh, ach cha chuala mi dà-sheòrsach no tar-ghnèitheach roimhe – cleachdaidh mise LGBT is m.s.a.a. seach LGDT.) A-rèir an cunntas-sluaigh 2011, tha Gàidhlig aig mu 60,000 neach ann an Alba. Ma tha suas gu aon sa cheud de dhaoine trans, no tar-ghnèitheach, mar a tha cuid a’ creidsinn, tha sin a’ ciallachadh gu bheil suas gu 600 daoine tar-ghnèitheach a tha cuideachd nam pàirt dhen choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Alba. Tha mi cinnteach gum bi mìltean sna trasnadh Gàidhlig/LGBT. Mar a sgrìobh Eilidh, tha ‘an t-àm ann sgeulachd dhe leithid innse tro mheadhan na Gàidhlig’.

Briathrachas

’S e Faclair na Sgoile (Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 2011; applaid 2014–2016) an aon fhaclair Gàidhlig, fhad ’s is fiosrach leam, a tha Gàidhlig–Gàidhlig seach Gàidhlig–Beurla. ’S e faclair do chlann-sgoile a th’ ann, ge-tà, agus ’s dòcha nach bi e cho feumail dhuinn airson briathrachas a-thaobh cùisean LGBT fhaighinn – mas e feis ‘gnìomh a nì boireannach agus fireannach airson clann a ghineamhainn’. Boireannach agus fireannach a-mhàin, a-rèir an fhaclair, agus dìreach airson clann a ghineamhainn! Am bi clann ann an sgoiltean Gàidhlig a’ cleachdadh an fhaclair seo ann an 2018? (Agus, nas neònaiche fhathast, tha Google Translate ag eadar-theangachadh gineamhainn gu ‘crush’!)

Faclair na Sgoile air an fhacal ‘feis’: ‘gnìomh a nì boireannach agus fireannach airson clann a ghineamhainn’ – no a-rèir Google Translate, ‘… to crush children’
WTF? (Gu litireil.)

Uill, cha robh mi an dùil gum biodh na freagairtean an do lorg mi anns an fhaclair seo. Agus, gu mi-fhortanach, chan eil iad ri lorg ann am faclairean eile nas motha. Fiù ’s anns an fhaclair Gàidhlig–Beurla aig Colin Mark (2004), cha bhi sinn a’ faighinn am facal gèidh, ged a tha ‘gay’ a’ nochdadh sia tursan san fhaclair – fo na ceann-fhaclan aighearach, aitflathail, rìomhach, sùgach agus sunndach! Tha Leisbeach ann, ge-tà – le L mòr, agus ag eadar-theangachadh gu ‘Lesbian’, ’s e sin neach bhon an Eilean Lesbos!

Ged a tha faclairean eile ann a tha beagan nas fheumaile dhuinn, m.e. am faclair air loidhne aig LearnGaelic, agus Faclair na Pàrlamaid (2001) airson teirmean oifigeil (mar a bha iad o chionn 17 bliadhna, co-dhiù), tha againn ri coimhead air tobraichean eile airson a bhith a’ faighinn a-mach dè na briathran a bhios daoine a’ cleachdadh san latha an-diugh. A bharrachd air an colbh aig Eilidh Cormack, leugh mi pìosan sgrìobhaidh air loidhne mun a’ chuspair, m.e. puist air an làrach-lìn Gèidh.uk – URL gun stràc – le Crìstean MacMhìcheil. Agus choimhead mi air Eòrpa air 11 Gearran, anns a bheil Derek MacAoidh ag aithris air lagh ùr anns a’ Ghrèig a bhios a’ toirt còirichean a bharrachd do dhaoine tar-ghnèitheach.

Gu mi-fhòrtanach, ge-tà, cha chuala mi Feasgar air Radio nan Gàidheal air 23 Gearran, anns an robh Cathy NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri duine gèidh airson Mìos Eachdraidh LGBT. [paragraf air a dheasachadh 12 Màrt 2018]

Gheibh mi a-mach nach eil am briathrachas a-thaobh cùisean LGBT cho pongail anns a’ Ghàidhlig ’s a tha e anns a’ Bheurla. Agus chan eil mi cinnteach gu bheil e air tighinn bhon a’ choimhearsnachd LGBT, mar a tha gu ìre mhòr sa mhòr-chànan. Tha e gu math cudromach nach eil leubailean gan cur oirnn le daoine eile, mar a tha airson mion-shluagh sam bith.

Tha mi an dòchas gum bi mi a’ coimhead a-rithist air briathrachas Gàidhlig airson cùisean LGBT san àm ri teachd.

Agus mo riochdairean?

Bann-làimh ‘she/her’
she/her (i/ise/a)

’S e boireannach a th’ annam, agus tha iise is a (gun sèimheachadh) orm – còmhla ri aice, oirre, rithe, innte is m.s.a.a.! Ach an do dh’fhaighnich neach sam bith riamh ‘Dè na riochdairean a th’ ort?’ (Feumar aideachadh nach tric a bhios daoine a’ faighneachd ‘What are your pronouns?’ sa Bheurla, ach bi e a’ tachairt.) Tha mo riochdairean (’s e sin pronouns seach daoine a tha gam riochdachadh) nam pàirt chudromach dhen aithne a th’ agam, agus thèid mo ghoirteachadh nuair a chleachdas daoine na riochdairean ceàrr.

Agus dè mu dheidhinn daoine neo-bhìnearaidh? Anns a’ Bheurla, bidh iad a’ cleachdadh they singilte no fiù ’s riochdairean ùra mar ze. (Tha riochdairean ùra ann an cànain eile cuideachd, m.e. hen ann an Suainis.) Am bi am facal iad ga chleachdadh mar riochdaire singilte sa Ghàidhlig, agus, ma bhitheas, am bi e freagarrach do (chuid de) dhaoine neo-bhìnearaidh? No am biodh an riochdaire neodrach eadh freagarrach do dhaoine idir? (Tha mi an teagamh gum biodh, leis nach eil paradigm làn aige.) Ged a tha càirdean neo-bhìnearaidh agam, chan eil mi eòlach air neach sam bith neo-bhìnearaidh aig a bheil Gàidhlig cuideachd. Agus fiù ’s ged a bha neach neo-bhìnearaidh sa phrògram Eòrpa, cha robh na riochdairean a chleachd Derek MacAoidh dearbhachail mun a’ chùis. Mar sin, tha e doirbh dhomh rud eile a ràdh.

Ceist eile airson daoine neo-bhìnearaidh: dè an cruth aig na sloinnidhean aca? Mar a tha fios, tha tòrr sloinnidhean Gàidhlig ann mar Mac-/NicNeacail, le diofar cruthan airson fireannaich agus boireannaich. Dè na cruthan a bhios daoine neo-bhìnearaidh a’ cleachdadh? Chuir mi an aon cheist do Ugla (Owl) Stefanía Kristjönudóttir Jónsdóttir, a tha na neach-iomairt neo-bhìnearaidh, a thaobh sloinnidhean Innis Tìleach. Fhreagair iad gum b’fheàrr leotha a bhith a’ cleachdadh an sloinneadh Jónsbur, ach nach eil –bur ri fhaighinn gu h-oifigeil (fhathast).

Mar a chì thu, tha tòrr ceistean agam. Bhithinn fada nad chomain nan robh freagairtean agad. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri cluintinn bhuat.

Mar a thuirt mi sa chiad pharagraf, chan eil mi buileach fileanta sa Ghàidhlig. Cha robh Gàidhlig agam bho thùs, agus ’s e tè-ionnsachaidh a th’ annam fhathast (às dèidh iomadh bliadhna). Bhithinn a’ cur fàilte air ceartachaidhean no molaidhean sam bith a thaobh leasachaidhean air mo chuid sgrìobhaidh.

12 responses to “Dè na riochdairean a th’ ort?”

  1. Tha “iad/aca” a’ nochdadh mar iomradh air cuideigin san treas phearsa mur eil fhios dè a’ ghnè aca, ann an sgrìobhadh co-dhiù, cha do mhothaich mi dha ann am bruidhinn gu ruige seo.
    Chan e mo cho-dhùnadh-sa th’ ann ach dh’fhaoidte gum biodh “sè” iomchaidh mar riochdair. ‘S e «e/é» agus «i/í/hí/sí» an fheadhainn bhoireann san t-Seann Ghaeilge. Thog «é» an s- a bharrachd mar analogy dha «sí» sa Ghaeilge agus leis a sin, tha sé agus sí aig na h-Èireannaich an-diugh, le sé, a thaobh eachdraidh co-dhiù, le cas air gach taobh dhe na gnèithean. Dè do bheachd?

    1. Taing airson do bheachdan, a Mhìcheil. Bha mi an dùil gum biodh ‘iad’ ’s a chàirdean freagarrach do neach sam bith le gnè air nach eil sinn fiosrach. Ach, còmhla riutsa, cha do mhothaich mi am biodh daoine ga chleachdadh gu nàdarra ann am bruidhinn.

      Agus bidh cùisean buileach nas toinnte nuair a bhios sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn neach nach eil na f(h)irinneach no na b(h)oireannach – no, ma bhios sinn a’ cleachdadh ‘iad’ an seo, neach nach eil nam firinneach no nam boireannach.

      ’S e moladh inntinneach a th’ ann an ‘sè’ airson riochdaire ùr (mar gum b’ eadh) – agus gu math eachdraidheil cuideachd. Ach nach biodh e ro fhaisg air ‘’s e’ ann am fuaimreachadh airson a bhith prataigeach? Co-dhiù, cha bu chòir dha a bhith an urra rinne: feumaidh sinn fhaighinn a-mach dè b’ fheàrr do dhaoine neo-bhìnearaidh aig a bheil Gàidhlig. (Cuideachd, am bi iad a’ cur an leubail ‘neo-bhìnearaidh’ no leubail eile orra fhèin? Chan eil fhios ’am.)

  2. Cha chreid mi gur e droch-rud a th’ ann ma tha e faisg air na riochdairean a th’ againn an-dràsda. Thuigeadh daoine thu fiù mar tha e caran annasach dhaibh. Agus nochdaidh “sè” ann an àite eile ann an sentencean seach “se”, m.e. “tha sè aig an taigh an-diugh”.
    Tha mi dol leat nach e co-dhùnadh aonan a bu chòir a bhith ann ach feumaidh sinn tòiseachadh air deasbad am badeigin 🙂

    1. Tha thu ceart, agus cha tèid ‘’s i’ no ‘’s iad’ a chleachdadh gu math tric an latha an diugh, agus mar sin tha mi an dùil nach biodh daoine a’ cleachdadh ‘is sè’ nas mò. Tha an seantans agad a’ faireachdainn math dhomh. Ach dè mu dheidhinn sèimheachadh (mar a sgrìobh mi mu dheidhinn roimhe)? Agus, gu sònraichte, dè mu dheidhinn nan ro-riochdairean (aig+sè, le+sè is m.s.a.a.)?

      1. Cha bhiodh dùil ri sèimheachadh ro thric, chanainn. Leis gu bheil casg air sèimheachadh dntls an dèidh cha(n) agus bu, cha bhiodh buaidh air m.e. cha mhi cha sè, bu mhi bu sè.
        Le cudrom sè > sè-san.
        A thaobh teàrnadh nan riochdairean, mholainn aige/leis etc air sgàth grunn adhbharan:
        – sin an cruth aig a bheil an ìre as lugha de chomharradh gnè i.e. ann an aige, tha “ag” + “e” lagaichte a’ tighinn còmhla. Sin an aon “e” a bhiomaid a’ cleachdadh ann an “sè”
        – ann an riochdairean le -s, cha robh an -s ‘na phàirt dhen riochdair o thùs ach “leum” sin o iar-leasachan i.e. tha “leis” a’ tighinn o “le-som” (cf e-san). Air an làimh eile, tha a’ -s a’ dol gu math leis an s- ann an sè aig an aon àm.
        – bidh obair romhainn riochdair ùr a theagasg do dhaoine, cha chreid mi, leis cho gann ‘s a tha meadhanan ann an Gàidhlig, gum gabhadh pàtran slàn a theagasg do dhaoine i.e. aice/aice/aig*
        – tha na fuaimean “cruaidh” ann an aice/thuice etc a’ tighinn on s- a bh’ ann an “sí” o shean. Nan cuireamaid -se aig deireadh nan riochdairean, aig a’ cheann thall, ‘s e na cruthan boireann a thigeadh às.

        Aon rud a ghabhadh a dhèanamh a thaobh teàrnadh nan riochdairean, sin an cruth bunasach a chleachdadh i.e. aige/aice/aig (aig-san), leis/leatha/le (le-san), ann/innte/an (an-san), troimhe/troimhpe/tro (tro-san) is msaa. Cha bhiodh sin ach caran neònach do dhaoine nach eil eòlach air na thathar a’ feuchainn leis a’ phàtran ùr seo i.e. ged a bhiodh “b’ ann aig a bh’ an taigh ud” caran neònach do chroitear ann an eilean fad air falbh, thuigeadh iad a chiall fhathast.

  3. Bheil beachd agad càit am bu chòir dhuinn leantainn air seo airson barrachd dhaoine a thàladh a-steach? ‘S dòcha buidheann prìobhaideach air Facebook? Bha buidheann LGBT mar sin ann aig àm, saoilidh mi…

    1. Chan eil fhios ’am. Tha mi eòlach air buidhnean prìobhaideach trans is LGBT air Facebook, ach chan eil mi ga chleachdadh ro thric. ’S dòcha gu bheil daoine aig a bheil Gàidhlig anns na buidhnean sin. (Feumaidh mi beagan rannsachadh a dhèanamh.)

      1. ‘S buidheann Gàidhlig LGBT a bh’ anns a’ bhuidheann ud air an dug mi iomradh. Feumaidh mi faighneachd a bheil e ann fhathast.

  4. […] Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail (@axnicho) agus Michael Bauer (@akerbeltz) mu bhriathrachas LCDTE agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: https://transponderings.blog/2018/03/09/de-na-riochdairean-a-th-ort […]

  5. […] Dè na riochdairean a th’ ort? […]

  6. […] Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail (@axnicho) agus Michael Bauer (@akerbeltz) mu bhriathrachas LCDTE agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: https://transponderings.blog/2018/03/09/de-na-riochdairean-a-th-ort. […]

  7. Taing mhòr dhan a’ Ghaidheal Ùr airson an ceangal seo.

Discover more from transponderings

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading